Sgoil Bhaile an Àthain dùinte ri linn Chovid-19
- Air fhoillseachadh

Tha bun-sgoil ann an Siorrachd Inbhir Nis air dùnadh fad cola-deug air sgàth cùis de Chovid-19.
Chan eil ach dà chlas ann am Bun-sgoil Bhaile an Àthain faisg air Druim na Drochaid.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil sgrùdadh Deuchainn is Dìon air sealltainn gun robh gach sgoilear faisg air an neach air a bheil am bhìoras.
Bidh feum aig na sgoilearan cumail fa leth 'son cola-deug is chaidh fios a chur air am pàrantan.
Feumaidh cuideachd luchd-obrach cumail fa leth.
Bidh an sgoil dùinte 'son 14 là.
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gum bi seisean fiosrachaidh ann do phàrantan oidhche Dhiardaoin.