Tùr Chaisteil Inbhir Nis ga dhùnadh

  • Air fhoillseachadh
Fosgladh an tùir
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an tùr fhosgladh dhan phoball ann an 2017.

Dùinidh an t-ionad-seallaidh os cionn Chaisteil Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain air sgàth lùghdachaidh mhòir anns na th' ann de luchd-tadhail.

Cha do dh'fhosgail an t-ionad aig bàrr aon de na tùran ach aig toiseach na Sultaine an dèidh a bhith dùinte bhon Mhàrt.

Thuirt a' bhuidheann HighLife na Gàidhealtachd a tha a' ruith an ionaid, gun do thuit an àireamh de luchd-turais gu mòr bho chaidh lockdown ùr a ghairm ann an Sasainn, agus nuair a chaidh comhairle ùr fhoillseachadh an Alba gun a bhith a' siubhal mar phàirt de shiostam ùr nan Còig Ìrean.

Thuirt Stiùiriche a' Chultair agus an Oideachaidh aig a' bhuidhinn, Iain West, gu bheil iarrtas air tuiteam fon ìre a tha a' pàigheadh airson an t-ionad a chumail fosgailte.

Cha do thadhail ach triùir air an ionad thar nan deich làithean mu dheireadh.

Tha sin an coimeas ri 90 duine thar na h-aon ùine san Damhair.

Dùinidh an tùr Didòmhnaich.