Naidheachdan 11:00m

Banachdach

Thuirt luchd-rannsachaidh ann an Oxford gu bheil banachdach a' Choròna-bhìorais air a bheil iadsan ag obair a' soirbheachadh, agus a' freagairt gu h-àraid air seann-daoine. Tha an dàrna ìre dheuchainnean a' sealltainn gu bheil an droga aig AstraZeneca a' toirt nas lugha de bhuaidhean eile air feadhainn a tha suas ann am bliadhnaichean. Ged a tha a' bhanachdach sin beagan air dheireadh anns an leasachadh sin air na dhà eile a chaidh ainmeachadh bho chionn ghoirid, tha an sgioba rannsachaidh ann an Oxford ag ràdh gu bheil adhbhar misneachd ann.

Banachdach an Alba

Bidh fiosrachadh aig Rùnaire Slàinte na h-Alba, Jeanne Freeman, an-diugh mun dòigh anns an tèid banachdach Chovid a roinn an Alba. Chaidh plana airson sin aontachadh eadar ceithir dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte. Bheireadh sin cothrom sa chiad dol a-mach do sheann daoine 's do luchd-obrach nan seirbheisean slàinte agus cùraim.

Dìon

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum brosnaich a' chosgais as motha ann an 30 bliadhna air na seirbheisean armaichte agus dìon buaidh Bhreatainn air feadh an t-Saoghail. Dh'ainmich an Riaghaltas àrdachadh £4bn gach bliadhna airson ceithir bliadhna. Thèid a chosg air diofar roinnean, agus nam measg tèarainteachd cyber, agus air buidhinn a bhios a' dèiligeadh ri fiosrachadh.

Crainn-ghaoithe

Tha còmhradh eadar buidhnean coimhearsnachd ann an Leòdhas agus a' chompanaidh dealain SSE airson cothrom a thoirt do choimhearsnachdan aig a bheil muilnean-gaoithe tuilleadh chumhachd a chruthachadh agus airgead a thional dhaibh fhèin fhad 's a tha an càball eadar iad agus Tìr-Mòr briste. An-dràsta chan eil SSE a' toirt cead dhaibh ach airson beagan dealain a dhèanamh.