Dragh am Barraigh mu sheirbheisean meadaigeach

  • Air fhoillseachadh
Barraigh

Tha dragh sa choimhearsnachd mun atharrachadh a tha san amharc airson seirbheisean meadaigeach am Barraigh.

Tha Ionad Meadaigeach Bharraigh air co-dhùnadh an t-seirbheis mheadaigeach aca ann an Ospadal Naomh Brìanan agus an t-seirbheis dhotair-teagalaich taobh a-muigh uairean àbhaisteach a stad bho 1mh Giblean seo tighinn.

A rèir fhear do chomhairlichean an eilein, Dòmhnall Manford, tha an naidheachd air tighinn mar chlach às an adhar agus feumaidh cothrom a bhith aig muinntir Bharraigh agus Bhatarsaigh beachdachadh air na h-atharrachaidhean.

Bha e ag ràdh mun bhòrd slàinte: "Ma tha modail eile aca, tha iad air a bhith ag obair air airson greis agus feumaidh fios a bhith againn dè th' ann - agus fios tighinn a-mach san aithghearrachd, chan ann an ath-bhliadhna."

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad a' faicinn seo mar chothrom ath-dhealbhachadh a dhèanamh air an t-seirbheis aca.

Gheall iad do mhuinntir an àite gun lean seirbheisean sàbhailte agus èifeachdach san eadraigin.