Briseadh dùil eile do BiFab
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaillich air a' chompanaidh cùmhnantan fhaighinn airson tuathan-gaoithe aig muir ann an uisgeachan na h-Alba, 's an obair air a dhol gu gàrraidhean thall-thairis.
Tha suidheachadh na companaidh BiFab, leis a bheil Gàrradh Àranais ann an Leòdhas, agus dà ghàrradh togail eile ann am Fìobha, nas ao-dòchasaich, agus dearbhadh ann nach fhaod an Riaghaltas barrantas airgid a thoirt dhaibh.
Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn gu bheil na riaghailtean a thaobh taic-stàite, mar a tha iad an-dràsta, a' cur bacadh orra bho bhith a' toirt barrantais luach £30m seachad airson a' chompanaidh a chuideachadh cùmhnantan fhaighinn.
Dh'fhaillich air a' chompanaidh cùmhnantan fhaighinn airson tuathan-gaoithe aig muir ann an uisgeachan na h-Alba, leis an obair a' dol gu gàrraidhean thall-thairis.
Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh aig Holyrood, Fiona Hyslop, roimhe nach robh na riaghailtean a' ceadachadh dhaibh am barrantas a thoirt seachad, agus dh'iarr i cuideachadh air a' chùis bho Whitehall.
Maoineachadh
Cho-dhùin buidheann-ghnìomha eatorra gum feum iad coimhead ri dòighean eile fhaighinn na gàrraidhean aig BiFab a ghlèidheadh.
Thuirt Ms Hyslop gur e a' phrìomh thrioblaid gun do dhiùlt prìomh luchd-earrainn BiFab, companaidh einnsinnìridh Chanadianach, maoineachadh, barrantas no in-ionmhas a thoirt seachad.
"Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith ag obair còrr air trì bliadhna gus taic a thoirt dha BiFab, 's rinn sinn a h-uile rud a b' urrainn gus fuasgladh fhaighinn na dùbhlain a tha mu choinneimh a' ghnothachais," thuirt Ms Hyslop.
"Le beag-chuid de na h-earrainnean, bheachdaich sinn air a h-uile roghainn gus taic-ionmhais a thoirt dha BiFab bhon sporran phoblach.
"Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith soilleir gu bheil riaghailtean mu thaic-stàite a' cur bacadh oirnn o bhith a' toirt seachad bharrantasan air a' chùmhnant bho Saipem seacaidean stàilinn a thogail do thuath-gaoithe Neart na Gaoithe," thuirt i.
"Buille Mòr Uabhasach"
Thuirt a' chompanaidh Chanadianach, DF Barnes, gur ann airson pròiseactan a stiùireadh, seach am maoineachadh, a tha an t-aonta dhan tàinig iadsan le Riaghaltas na h-Alba.
Chuir Riaghaltas na h-Alba còrr air £50m an-sàs anns na gàrraidhean, agus 's ann leotha a tha còrr air an treas cuid den ghnothachas.
Thuirt labhraiche eaconomach nan Làbarach, Alex Rowley, gur e "buille mòr uabhasach a bh'anns a' cho-dhùnadh do ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail agus do chosnaidhean an Alba."
"Dh'fhaillich air gach cuid Riaghaltas na RA agus Riaghaltas na h-Alba gu tur, taic a thoirt do chosnaidhean agus do leasachadh na roinne ath-nuadhachail ann an Alba.
"Tha mi ag iarraidh uair eile air Riaghaltas na h-Alba a' chomhairle laghail a thug orra co-dhùnadh gum feumadh iad tarraing air ais bho bharrantas a thoirt seachad, fhoillseachadh.
"Chan fhiach e dhan SNP a bhith a' bruidhinn gu dòchasach mu cosnaidhean atharrachadh nuair nach eil cosnaidhean ann.
"'S e buille mòr uabhasach a tha seo do dh'Alba, 's cha bu chòir gabhail ris. Chan fhiach taic an SNP do chosnaidhean am pàipear air an do sgrìobhadh i."
"Bòstadh"
Thuirt Mark Ruskell aig na h-Uainich: "Uair is uair innsear dhuinn gur e riaghailtean taic-stàite as coireach nach urrainn do Riaghaltas na h-Alba earrainnean a bharrachd fhaighinn sa chompanaidh - ach tha fhios againn gum bi dùthchannan Eòrpach eile a' tasgadh airgid gu faiceallach ann am margaidh a' chumhachd fad an t-siubhail.
"Ma tha buannachd gu bhith a' tighinn a dh'Alba às na cothroman mòra a th'againn a thaobh chumhachd ath-nuadhachail, feumaidh an Riaghaltas a bhith nas dàna."
Dh'iarr rùnairean nan aonaidhean ciùird an GMB agus Unite, Gary Mac a' Ghobhainn agus Pat Rafferty còmhla gum foillsich Riaghaltas na h-Alba a' chomhairle laghail a fhuair iad.
"'S e na th'air cùlaibh bàs a' chothrom as fheàrr a th'aig Alba gnìomhachas a stèidheachadh a thaobh stuthan a dhèanamh 'son tuathan-gaoithe aig muir, deich bliadhna de dh'fhàiligidhean bho riaghaltasan SNP agus Tòraidheach," thuirt iad.
Thuirt Leas-Rùnaire Choitcheann an STUC, Dave Moxham, gur e an rud a bu lugha a dh'fhaodadh an Riaghaltas a dhèanamh a bh'ann a bhith a' stèidheachadh buidhne-gnìomha.
Thuirt e cuideachd: "Chì a h-uile duine mar a dh'fhailich air an dà riaghaltas dad a dhèanamh gus taic a thoirt do luchd-obrach na h-Alba - a dh'aindeoin gach cuid a bhith a' bòstadh gur e a bh'ann an Alba ach "Saudi Aràibia a' chumhachd ath-nuadhachail".