Taic ionadail bho thuath-gaoithe ùr
- Air fhoillseachadh

Chaidh cead a thoirt do phlana airson tuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach anns am bi seachd crainn.
Bidh e comasach do sgeama Beinn Sgàth - mu mhìle gu leth tuath air an Aodann Bhàn - cumhachd gu leòr a chruthachadh 'son dealan a chumail ri 28,000 dachaigh.
Tha a' chompanaidh-leasachaidh, Wind2, ag ràdh gum pàigh iad pàirt de na cunntasan dealain aig daoine a tha a' fuireach faisg air an làraich.
Dh'aontaich an luchd-leasachaidh dà chrann nas lugha a thogail ach am faigheadh iad cead.
"Bidh beagan bhliadhnaichean ann mus bi an sgeama seo a' cruthachadh dealain bheag-chàrboin, bhon tha e a' crochadh air meudachadh mòr a thoirt air na ghabhas de dhealan toirt air falbh air na càballan," thuirt stiùiriche leasachaidh Wind2, Friseal MacCoinnich, a tha dòchasach mun roinn a dh'aindeoin suidheachadh na h-eaconomaidh an-dràsta.
"Tha am pròiseact seo a' cur ris a' chuideam airson a' mheudachaidh sin.
"Tuigear leis na tha Riaghaltasan na RA agus na h-Alba air a ràdh sna seachdainnean a dh'fhalbh gu bheil feum air barrachd dealain.
"Tha sinn uile gu bhith a' gluasad gu càraichean air an ruith air bataraidhean.
"Bidh feum air fada a bharrachd, agus 's ann an Alba a tha cha mhòr na làraichean as fheàrr san Roinn Eòrpa airson dealan a chruthachadh leis a' ghaoith," thuirt e.