Ceannardan CnES dòchasach mu bhaileat luchd-iùil

  • Air fhoillseachadh
Plèana a' gabhail seachad air tùr-stiùiridhTùs an deilbh, Getty Images

Tha àrd-chomhairlichean sna h-Eileanan Siar ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun toir mar a tha luchd-iùil nam plèanaichean a' beachdachadh air stailc air HIAL èisteachd ris na draghan a th' ann mu na planaichean aca an t-seirbheis air fad a ruith às Inbhir Nis.

Tha HIAL (Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean) a' moladh an luchd-iùil aig sia puirt-adhair air feadh a' chinn a tuath a thoirt còmhla.

Tha an t-aonadh Prospect ag ràdh gum faodadh cuid den luchd-iùil an dreuchdan a chall leis nach eil iad deònach gluasad, agus tha iad a' baileatadh nam ball aca feuch co-dhiù tha iad airson a dhol air stailc.

"'S e na draghan a th' oirnne gun tèid fìor dheagh obraichean a chall," thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

Sàbhailteachd

"Fìor dheagh obraichean anns an sgìre againn fhèin a tha gan dèanamh le daoine òga às an àite aig a bheil teaghlaichean òga.

"Chailleadh a' choimhearsnachd na daoine sin - daoine air a bheil cruaidh-fheum.

"Tha dragh oirnn cuideachd a thaobh sàbhailteachd.

"Bha na measaidhean cunnairt uile anns an aithisg air an dubhadh às, so chan fhaca sinn na tha fa-near dhaibh a thaobh na droch shìde a bhios againn, mar eisimpleir. Gu math gaothach, gu math fliuch.

"Tha dragh oirnn mun teicneòlas fhèin anns na h-Eileanan Siar.

"'S e an tuigse a th' agamsa, ge b' e dè an riochd sam bi an iomairt-obrach a nì iad, nach toir e buaidh air na seirbheisean riatanach a dh'fheumas sinne san sgìre.

"Agus tuigidh mi carson a tha iad a' dèanamh seo.

"Tha e sàrachail dha-rìribh, thairis air an ùine seo, nach deach èisteachd ri duine againn le Riaghaltas na h-Alba no HIAL fhèin.

"Saoilidh mi, air a' cheann thall, gur e rud a tha seo a bheir air na daoine ceart suidhe suas agus an aire a thoirt, agus 's dòcha èisteachd mu dheireadh thall ris na h-argamaidean a tha gan cur an aghaidh nam planaichean seo."