Ceadan circe-fraoiche air fàire?
- Air fhoillseachadh

Mìnichidh Riaghaltas na h-Alba am freagairt ri iarrtas ceadan a thoirt a-steach agus riaghailtean ùra a chur an sàs airson sealg na circe-fraoiche.
Thòisich rannsachadh Werrity, a tha a' moladh seo, o chionn trì bliadhna, às dèidh don treas cuid de dh'iolairean-buidhe air an robh tagaichean saideil a dhol à fianais air mòintichean na h-Alba.
Thug an rannsachadh sùil fharsaing air mar a bha mòintichean seilge gan ruith.
Mhol an rannsachadh, mura tigeadh piseach air cùisean, siostam ceadachaidh a chuir an-sàs an ceann còig bliadhna.
Ach thuirt ministearan gum feumar dèiligeadh ris a' chùis na bu luaithe na sin.
Mar thà am-bliadhna, chaidh marbhadh mhaighichean-monaidh gun chead a thoirmeasg, agus chaidh neartachadh a dhèanmh air binnean airson eucoirean fiadh-bheatha.