Naidheachdan 11:00m

Tha fear de chomhairlichean saidheantifigeach Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' càineadh a' cho-dhùnaidh feadhainn de riaghailtean a' choròna-bhìorais a thogail aig àm na Nollaige. Thuirt an t-Ollamh Anndra Hayward, a tha air a' chomataidh èiginneach SAGE, nach eil a' ceadachadh tuilleadh choinneimhean eadar teaghlaichean aig àm na Nollaige ach a' cur tuilleadh connaidh air an teine. Thug ceithear dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte rabhadh do dhaoine gum feum iad a bhith faiceallach nach bi iad a' sgaoileadh a' bhìorais aig àm na Nollaige.

Innsidh an Seansalair, Rishi Sunak, an-diugh mun phlana eaconomaigeach airson faighinn thairis air buaidh a' phandemic. Tha dùil ri sealladh air an airgead a ghabh an Riaghaltas air iasad son dèiligeadh ri èiginn a' choròna-bhìorais. Bidh dearbhadh cuideachd ann air an t-suim airgid a bheir Westminster dha na dùthchannan aig a bheil fèin-riaghladh.

Tha fiaclairean ag ràdh gu bheil an dreuchd ann an cunnart le buaidh a' phandemic agus an dòigh sa bheil Riaghaltas na h-Alba gam pàigheadh. Tha Coumnn nam Fiaclairean agus Colaisde Rìoghail nan Lighichean ann an Dùn Èideann ag ràdhh gu bheil ionadan fiaclaireachd an cunnart dùnadh, gu bheil e a' tighinn air euslaintich a dhol gu cùram prìobhaideach agus gum faodadh aillse beòil fàs nas cumanta. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tug iad mar-thà dusan millean not de thaic do dh'fhiaclairean agus gu bheil iad ag obair còmhla ris na fiaclairean air modhan obrach ùra dhan roinn sin.

Tha Bana-Dhiùc Shussex air sgrìobhadh mun bhròn uabhasach a dh'fhulaing i an dèidh leanabh a bha i a' giùlan a chall san Iuchair am bliadhna. Thuirt Meghan Markle ann an artaigeal dhan New York Times gun do rinn e bristeadh-cridhe dhi fhèin agus dhan duine aice am Prionnsa Harry.

Tha tuilleadh teagamh ann mun bhuidhinn BiFab a tha a' ruith gàradh Àranais ann an Leòdhas agus dhà eile ann am Fìobha agus Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh nach urrainn dhaibh an corr taic-airgid a thoirt dhaibh. Tha Riaghaltas na h-Alba a' fàgail air DF Barnes, a' chompanaidh à Canada a ghabh Bifab os làimh, nach robh iad deònach sgillinn a chosg air a' chompanaidh. Tha na h-aonaidhean ge-tà a' cur coire air gach Riaghaltas le rabhadh cuideachd nach tig dad a dh'Alba de na buannachdan ris am bheil dùil bho chumhachd ath-nuadhachail.