Tubaist mhairbhteach air Taobh Sear Rois

  • Air fhoillseachadh
Tubaist

Tha Poileas Alba ag iarraidh bruidhinn ri duine sam bith le fiosrachadh mu thubaist mhairbhteach air Taobh Sear Rois air an deireadh-sheachdain.

Thachair an tubaist air an C1016 eadar Alanais is Achadh an Dùnaidh anmoch oidhche Shathairne.

Chaochail boireannach, 56, aig làrach na tubaist.

Bha i a' draibheadh Toyota RAV4.

"Tha sinn 'son faighinn a-mach cuin dìreach a thachair an tubaist seo", thuirt an Sàirdseant Kate Park bho Phoileas Alba.

"Tha mi ag iarraidh air duine sam bith a bha air an rathad seo eadar 10.30 oidhche Shathairne is 12.40 madainn Didòmhnaich a chunnaic an tubaist, no aig a bheil fiosrachadh sam bith mu deidhinn, a thighinn a bhruidhinn rinn", thuirt i.

Bu chòir fònadh dha na poilis air 101 is an àireamh 0161 29/11 a thoirt seachad.