Boireannach òg a dhìth ann an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Joanne Nic'illEathainTùs an deilbh, Poileas Alba

Tha na poilis ann an Steòrnabhagh a' sireadh fiosrachaidh mu bhoireannach òg a tha a dhìth ann an Leòdhas.

Chunnacas Joanne Nic'illEathain, 33, mu dheireadh aig mu 07.40 madainn Diluain ann am Barabhas air taobh siar an eilein.

Bha i a' dràibheadh càr Ford Focus dearg leis an àireimh MF62 WVR.

Ma tha fiosrachadh agaibh, cuiribh fòn chun nam poileas ann an Steòrnabhagh air 101 le àireamh na cùise 0838/30/11.