Dòchas mu chàball nas motha
- Air fhoillseachadh

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil a' chompanaidh dealain SSE a' coimhead ri càball nas motha a chur eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach.
Bhiodh seo an àite na loidhne a bhris bho chionn beagan beagan sheachdainnean.
Dh'innis a' chompanaidh cuideachd nach dèanadh an leasachadh cron sam bith air an argamaid leantainnich gus càball mòr ùr a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus tìr-mòr.
Bhris an càball eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach bho chionn mìos gu leth, rud a tha air fàgail nach urrainn do bhuidhnean coimhearsnachd dealan a tha iad a' cruthachadh a reic ri tìr-mòr.
Dh'iarr na companaidhean coimhearsnachd càball 132 kilovolt a chur fon mhuir an àite a' chàbaill 33 kilovolt a bhris, agus a chumail airson dealan nan companaidhean coimhearsnachd a-mhàin.
Tha SSE air innse dha na buidhnean gu bheil iad a' coimhead an gabhadh an càball nas motha cur an sàs, agus dè cho fada 's a bheireadh e ceadan fhaighinn òrdachadh agus a chur air dòigh.
Plana
Nan rachadh a thogail, thuirt SSE gun toireadh an càball ùr nas motha leis 100MW (megawatt) a bharrachd de dhealan na an càball a bhris.
Thuirt iad gum biodh seo an urra ri loidhne dealain ùr a chur eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Cille Chuimein, rud tha nam beachd a dhèanamh co-dhiù.
Thuirt SSE cuideachd nach dèanadh an leasachadh seo dad a chron air plana a chuir iad gu riaghladair na cumhachd, Ofgem, airson càball ùr 600MW a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus tìr-mòr.
'S e iomairt a tha sin a th' air a bhith a' leantainn iomadh bliadhna.
Thuirt SSE fiù 's le càball ùr nas motha eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach, gum biodh feum fhathast air a' chàball mhòr airson nan leasachaidhean mòra ath-nuadhachail a bhios ann.
Thuirt iad gun toireadh Ofgem sùil air na gnothaichean seo gu lèir mus tigeadh iad gu co-dhùnadh mun chàball mhòr.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2020
