Beachdan gan sireadh mu àrd-sgoil Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle Bhaile Dhùn Èideann ag iarraidh beachd phàrantan an-dràsta air làraich airson àrd-sgoil Ghàidhlig ùr.
'S e campus aig Liberton ann an ceann a deas a' bhaile a b' fhearr leis a' chomhairle ged a tha trì làraich eile air an liosta ann an Craigmillar, Granton is Wester Hailes.
Le plana Liberton, dheigheadh dà sgoil, tè Bheurla is tè Ghàidhlig, a thogail air an aon làraich.
Ach tha cuid de phàrantan mì-chinnteach mun mholadh sin agus iad ag iarraidh modail coltach ri Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu - sgoil fa leth.
Thuirt Brian Mac an Tàirneanaich, a tha na bhall de Chomann nam Pàrant ann an Dùn Èideann: "Tha pàrantan air a bhith a' feitheamh airson àrd-sgoil ùr ann an Dùn Èideann fad bhliadhnaichean agus 's e sin an rud a tha pàrantan ag iarraidh - sgoil ùr ann an Dùn Èideann.
"Tha sinn cinnteach gum bi na pàrantan a' sgrùdadh nam molaidhean gu faiceallach.
"S e co-dhùnadh gu math cudromach a tha seo - tha sinn air a bhith a' feitheamh fad bhliadhnaichean a-nis, so faodaidh sinn feitheamh greis eile airson an co-dhùnadh ceart a dhèanamh."
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun cho-chomhairle an seo, taobh a-muigh.