'Stiùireadh is structar ùr a dhith' 'son leasachadh na Gàidhlig
Tha stiùireadh agus structar ùr a dhìth airson leasachadh na Gàidhlig a thoirt air adhart aig ìre ionadail sna h-Eileanan.
Sin a rèir a' chomhairliche Sgitheanaich Calum Rothach, is e a' bruidhinn às dèidh coinneimh a chumadh air-loidhne Dimàirt air suidheachadh a' chanain san Eilean.
Tha seo ann an co-theacsa rannsachaidh bho thoiseach an t-samhraidh a thuirt gu robh a' Ghàidhlig an cunnart a dhol à bith mar chànan coimhearsnachd an taobh a-staigh deich bliadhna.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid