Am bann-leathann as miosa an Alba an Gleann Seile

  • Air fhoillseachadh
Càballan

Sheall rannsachadh gu bheil am bann-leathann as slaodaiche ann an Alba ann an Gleann Seile.

Tha a' bhuidheann Uswitch air a bhith a' rannsachadh càite bheil am bann-leathann as luaithe agus as slaodaiche air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Fhuair iad gu bheil bann-leathann mhuinntir Allt a' Chruinn sa chumantas ga mheas aig 2.06Mb.

Thuirt Uswitch gu bheil seo a' fàgail gun toireadh e cha mhòr seachd uairean a thìde gus fiolm HD dà uair a thide a luchdadh a-nuas.

Dh'innis iad gu bheil am bann-leathann ann an Allt a' Chruinn 134 uidhir nas slaodaiche na Inbhir Uaraidh ann an Siorrachd Obair Dheathainn, far an d'fhuair iad am bann-leathann as fheàrr ann an Alba.

Cuideachd air an liosta aca de na deich aiteachan ann an Alba leis a' bhann-leathann as slaodaiche ann an Alba bha Colbhasa (3.19Mb) agus Carsie faisg air Blàr Ghobhraidh (4.40Mb).