Sgìrean dìon is glèidhte gan comharrachadh

  • Air fhoillseachadh
LeumadaireanTùs an deilbh, Rob Lott

Chuir Buidheann Nàdair na h-Alba fàilte air an naidheachd gu bheil 12 Sgìrean Dìon Sònraichte (SPAs) agus ceithir Sgìrean Glèidhte Mara (MPAs) gan comharrachadh.

Thàinig an naidheachd bhon Mhinistear airson Ghnothaichean Dùthchail agus na h-Àrainneachd Nàdara, Màiri Gougeon.

Thuirt Buidheann Nàdair na h-Alba gun cuir seo dìon air anmhidhean mar chearbain, leumadairean Risso agus mòran de eòin-mhara.

Bha Eileen Stiùbhairt bho Bhuidhinn Nàdair na h-Alba ag ràdh gu bheil lìonra nan MPAan a' gabhail a-steach 37% de na cuantan againn a-nis agus gur e adhartas mòr a tha sin.

Tha earra-thuath Leòdhais, Bruach an Ear nan Eilean Mòra is Cuan Innse Gall am measg nan MPAan ùra.

Tha sgìrean mara far Hiort, Linne Mhoireibh, Colla is Tiriodh, Caolas Ghiogha, costa an iar Innse Gall agus leudachadh far Eilein Rùim am measg nan SPAan ùra.