Connspaid mun churraicealam anns na h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh

Tha connspaid a' leantainn anns na h-Eileanan Siar mu dè an stuth a thèid a chleachdadh anns na sgoiltean airson Càirdeas, Slàinte Feise agus Pàrantachd a theagasg.
Nochd cuid de chomhairlichean is buidhnean dragh roimhe bho shealladh moralta mun ghoireas RSHP, taobh a-muigh a tha an Riaghaltas a' cur air adhart.
Tha RSHP air a dhealbh a bhith air a chleachdadh mar phàirt den Churraicealam airson Sàr-Mhaitheis.
Aig coinneimh shradagaich de Chomhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo, chaidh gabhail ri moladh gum bu chòir Curraicealam Caitligeach na h-Alba a thaobh Càirdeas, Slàinte Feise agus Pàrantachd a chleachdadh anns na h-Eileanan an Iar.
Ach tha mì-chinnt ann fhathast mu dè a' bhuaidh a bheir seo air poileasaidh na Comhairle.
Connspaid
Bha cuid de chomhairlichean air ceistean a thogail mu RSHP roimhe is iad a' cumail a-mach gu bheil stuth ann nach eil idir iomchaidh airson sgoiltean, is dragh orra cuideachd mun aois a tha cuid den stuth air a theagasg.
Tha clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba cuideachd a' cur an aghaidh a' ghoireis.
Bha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith ag ràdh bho thùs gu bheil gach rud a tha air a theagasg anns na sgoiltean aca iomchaidh agus air a thaghadh ann an co-bhanntachd le tidsearan agus pàrantan.
Ach le connspaid a' leantainn, chaidh coinneamh shònraichte a ghairm an t-seachdain seo gus a' chùis a dheasbad.
Ged a bhathas a' moladh do chomhairlichean taic a chur ri poileasaidh na Comhairle - cumail ri RSHP a chleachdadh is le na bhiodh air a theagaisg dheth an urra ri sgoiltean is pàrantan - 's e gluasad bhon Chomhairliche Calum MacIlleathain a fhuair taic bho chomhairlichean 23-4. Bha sin às dèidh deasbaid a bha fada is aig amannan gu math làidir.
Moralta
Bha an gluasad a' moladh curraicealam Caitligeach na h-Alba a thaobh Càirdeas, Slàinte Feise agus Pàrantachd a chleachadh ach le cothrom a thoirt do sgoiltean atharrachadh mar a chì iad freagarrach.
'S e am beachd a bha air a chùlaibh gu bheil na a tha air a theagasg ann an sgoiltean Caitligeach ann an Alba nas fhaisge air na beachdan moralta aig muinntir nan Eilean na tha stuthan ann an goireas an Riaghaltais.
Ach tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh ged a chaidh an gluasad troimhe, nach robh faclan a' ghluasaid ag ràdh gur e curraicealam Caitligeach na h-Alba a-mhàin a bhiodh air a chleachdadh.
Thuirt iad nam biodh an gluasad ag ràdh gur e an curraicealam Caitligeach a-mhàin a bhiodh ann, gum biodh ceist ann mu laghalachd a' ghnothaich.
Tha sin a' fàgail mì-chinnt mu dè dìreach a' bhuaidh a bheir an gluasad air foghlam anns na h-Eileanan, is dè dìreach a chaidh aontachadh aig a' choinneimh.
Chuir am BBC fios air Comhairle nan Eilean Siar a shireadh soilleireachaidh air càite dìreach a tha seo a' fàgail poileasaidh an ùghdarrais, ach dhiùlt iad dad a ràdh.