Comraich do chraobhan ann an Slèite

  • Air fhoillseachadh
Gàrraidhean Chaisteil ArmadailTùs an deilbh, Clive Perrin/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na gàrraidhean aig Caisteal Armadail a stèidheachadh san 19mh Linn.

Tha gàrraidhean ainmeil Chaisteil Armadail ann an Slèite air a dhol nam pàirt de dh'iomairt gus craobhan cònach tearc bho air feadh an t-Saoghail a ghlèidheadh.

Tha an 40 acrair de ghàrraidhean ainmeil mar thà airson na th' ann de chraobhan, agus fasgadh on ghaoith an iar a' toirt an fhar-ainm Lios an Eilein Sgitheanaich do Shlèite.

A-niste, ann an co-bhann le Gàrraidhean Rìoghail an Luibh-eòlais ann an Dùn Èideann (RBGE), tha gàrraidhean Armadail gan ceangal ri Prògram Eadar-nàiseanta Glèidhteachais nan Craobhan Cònach (ICCP), mar thè den 200 làrach shaideil aca, far an tèid craobhan de ghnèithean a th' ann an cunnart a dhol à bith a chur.

Tha craobhan cònach cudromach do dh'àrainnean air feadh an t-saoghail, ach than còrr is 34% de na gnèithean ann an cunnart.

Chile

Cuiridh an cruinneachadh seo de ghnèithean tearc ri rannsachadh an ICCP, a tha ag amas air na craobhan seo a ghlèidheadh 's a dhèanamh maireann.

Tha 100 ògan craoibhe-chònaich gan cur a dh'Armadail, a thuilleadh air na ficheadan phreasan a tha uile ann an cunnart a dhol à bith.

'S ann an Dùn Èideann a tha na planntraisean seo air fàs thuige seo, à sìol a chaidh a thogail gu proifeasanta à coilltean ann an diofar cheàrnaidhean den t-Saoghal le ceadan oifigeil.

Fitzroya cupressoidesTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Fitzroya cupressoides ann an Chile

Thèid cuid de na craobhan a chur eadar an-dràsta agus an t-Earrach, le feadhainn eile gan cumail ann an lios àraich Armadail mus cuirear iad a-rithist.

Nam measg tha craobhan à Chile, leithid Fitzroya cupressoides - tè mhòr a bhios beò fada, agus Saxeothaea conspicua "Iubhar a' Phrionnsa Albert".

Tha cuideachd Abies firma à Iapan, Abies pinsapo var. marocana, agus an "Giuthas Coireanach" Pinus koraiensis.

Cuiridh na craobhan ùra ri àilleachd nan gàrraidhean, a chaidh a stèidheachadh an toiseach ron bhliadhna 1870.

"'S e ceum mòr air adhart a th' anns a' chompàirteachas ùr seo a dh'ionnsaigh ar targaid arboretum le inbhe eadar-nàiseanta a chruthachadh aig Armadal le glèidhteachas aig a chridhe," thuirt Neach-comhairleachaidh nan Gàrraidhean aig Armadal, Anndra Peters.

Coille ann an ChileTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Seo coile ann an Chile.

"Tha mise air a bhith ag obair a dh'ionnsaigh seo bho thòisich mi an seo, 's tha mi fìor thoilichte fhaicinn a' tighinn gu bith.

"Leig e leinn togail air a' chruinneachadh cudromach a th' againn mar thà, gus am bi dìleab ann do ghinealaichean a tha ri teachd.

"Tha bith-iomadachd an t-saoghail fo chunnart mòr an-dràsta, agus tha sinne den bheachd gu bheil e nas cudromaiche na riamh roimhe dìon a chur air coilltean agus gnèithean tearc.

"'S e urram a th' ann a bhith nar pàirt dheth."

Tha an sgioba aig Caisteal Armadail gu mòr airson 's gun tèid a' choimhearsnachd ionadail an sàs anns a' phrògram, le cuireadh ga thoirt do shaor-thoilich tighinn a chuideachadh le bhith a' cur nan craobhan sa bhliadhna ùir.

Tha tachartasan agus seiseanan ionnsachaidh cuideachd san amharc.

Bidh cothroman ann cuideachd taic a thoirt don phrògram tro bhith ag uchd-mhacachd craoibhe, no bhith a' toirt taic-airgid seachad mu choinneimh chosgaisean cura agus clàraidh a' chruinneachaidh.