Naidheachdan 11:00m

Brexit

Tha còmhraidhean mu aonta malairt a' dol air adhart an-diugh eadar Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach 's an dà thaobh ag ràdh gur dòcha nach bi aonta ann agus iad a' cur coire air a chèile. Dh'aidich Rùnaire Ghnothachais na Rìoghachd Aonaichte, Alok Sharma, gu bheil an ùine a' ruith agus gu bheil na còmhraidhean aig ìre dhoirbh. Thuirt Ceannard a' Choimisein Eòrpaich, Charles Michel, a' bruidhinn anns a' Bhruiseil an-diugh, gu bheil a' chùis a-nise an urra ri Breatainn.

Banachdach

Thuirt dotairean teaghlaich ann an Alba gu bheil iad cho deiseil agus is urrainn dhaibh airson banachdach Chovid a thoirt seachad. Thuirt an Dr Carey Lunan, Cathraiche Colaiste Rìoghail Dhotairean Teaghlaich na h-Alba, gu bheil co-obrachadh math eadar na buidhnean meadaigeach. Tha dùil ris na ciad dhòsan den bhanachdaich ann an Alba Dimàirt.

A' Chuimrigh

Tha sreath ùr de riaghailtean Chovid a' tòiseachadh anns a' Chuimrigh an-diugh. Cha bhi cead aig taighean-seinnse is taighean-bìdhe deoch-làidir a reic, agus feumaidh iad dùnadh aig 6:00f gach feasgar. Tha na bacaidhean ùra ann an dèidh àrdachadh ann an cùisean den bhìoras air a' mhìos a chaidh seachad.

BiFab

Tha a' bhuidheann-iomairt Gnìomh airson Àranais ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba innse dè tha nam beachd do BiFab, leis a' bheil an gàrradh agus dhà eile ann am Fìobha. Tha a' chompanaidh ann an rianachd agus tha na h-aonaidhean a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba agus air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun do thrèig iad an luchd-obrach. Tha Gnìomh airson Àranais ag ràdh gu bheil cothrom fhathast aig a' ghàrradh sin air obair, agus gu bheil dleastanas air an Riaghaltas air a shon. Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh, Fiona Hyslop, gum bi an Riaghaltas ag obair còmhla ris an luchd-rianachd, agus ris na h-aonaidhean airson an rud as fheàrr do ghàrraidhean BiFab ann am Fìobha agus ann an Leòdhas.