Taigh-òsta ga dhiùltadh an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd cead dealbhachaidh a thoirt do sgeama far an deadh ionad chonsairtean an Ironworks ann an Inbhir Nis a leagail airson taigh-òsta anns am biodh sia làirean a thogail air an làraich.

Am measg nan adhbharan airson cead a dhiùltadh bhathas a' faireachdainn nach cuireadh an togalach ùr ri bòidhchead na sgìre, agus gun toireadh e droch bhuaidh air Sgìre Ghlèidhteachais Inbhir Nis ri taobh na h-aibhne, agus trì togalaichean eachdraidheil ri thaobh.

Dhiùlt comhairlichean an t-iarrtas an dèidh do dh'oifigich sin a mholadh dhaibh.

Bha a' chompanaidh leasachaidh, Bricks Capital, ag ràdh gun robh an taigh-òsta comasach air suas ri 100,000 duine de luchd-turais a ghabhail gach bliadhna.

Tha cead-dealbhachaidh ann mar thà pròiseact eile a dhèanamh air an làraich.

Thuirt labhraiche às leth na companaidh an dèidh don Chomhairle cead a dhiùltadh: "Gu nàdarra, 's e briseadh dùil mòr a th' ann dhuinn gun deach pròiseact mòr a chuireadh mòran airgid an sàs a dhiùltadh.

"Tha sinn a-niste a' deasbad nan ath-cheumannan a ghabhas sinn leis an neach-comhairleachaidh dealbhachaidh againn, agus tha ùine a dhìth oirnn beachdachadh air aithisg sgrìobhte na Comhairle nuair a gheibh sin i.

"Tha roghainn againn ath-thagradh a dhèanamh ri Riaghaltas na h-Alba, no a bhith a' cleachdadh a' chead dealbachaidh a th' ann mar thà aig an làraich airson ionad-còmhnaidh do dh'oileanaich anns am biodh seachd làirean.

"Beachdaichidh sinn air an dòigh as fheàrr air adhart dhuinn - ach tha sinn fhathast an dùil rudeigin a dhèanamh an Inbhir Nis ma tha sin comasach."