Cead dealbhachaidh aig Cùil Lodair ga dheasbad

  • Air fhoillseachadh
Cùil Lodair
Fo-thiotal an deilbh,

Tha iarrtas airson cead-dealbhachaidh fàsig air làrach Bhlàir Chùil Lodair air connspaid adhbhrachadh

Tha comhairlichean a' deasbad planaichean airson loidsichean, taigh-bìdhe, bùth is eile a thogail faisg air làrach Bhlàir Chùil Lodair.

Bhòtaidh buill den Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deis aig Comhairle na Gàidhealtachd air iarrtas airson cead-dealbhachaidh gus atharrachaidhean mòra a dhèanamh air ionad-marcachd a th' air an làraich an-dràsta.

Bhiodh na toglaichean ùra uile taobh a-staigh raon-glèidhteachais Bhlàr Chùil Lodair.

A dh'aindeoin sin tha oifigich na Comhairle a' moladh gum bu chòir do Chomhairlichean an t-iarrtas a cheadachadh.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba agus Comann Gàidhlig Inbhir Nis am measg nam buidhnean a tha a' dol an aghaidh nam planaichean.

Tha eagal ann gun dèanadh a leithid de dh'obair cron air fianais arc-eòlaich nach deach a lorg fhathast ach cuideachd gun atharraicheadh e buaidh an àite air luchd-tadhail.

"Tha sinn a' dol an aghaidh an iarrtais oir tha sinn den bheachd gun dèanadh e atharrachadh mòr air làrach a' bhlàir," thuirt Raoul Curtis-Machin bhon Uarras.

"Tha e gu math faisg air sgìre far a bheil sinn cinnteach gun robh sabaid a dhol."

"Mì-reustanta"

Gach bliadhna, cuiridh Comann Gàidhlig Inbhir Nis tachartas cuimhneachaidh air dòigh air an àraich.

Thuirt cathraiche a' Chomainn, Murchadh Caimbeul, gun robh na planaichean seo "mì-reusanta agus mì-chiallach" aig a leithid de dh'àite.

"Tha mi an dòchas gun tionndaidh iad sìos seo," thuirt e.

"O chionn goirid, thionndaidh iad sìos iarrtas airson aon taighe.

"Ma chaidh sin a dhiùltadh tha mi an làn-dòchas gun tachair an aon rud ris an iarrtas seo cuideachd."

San t-Samhain thàinig iarrtas connspaideach eile gu crìch, a bha airson taigh a thogail san sgìre.

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt dhan iarrtas, a' dol an aghaidh beachd an neach-rannsachaidh aca fhèin a bh' air moladh gun deadh an obair a cheadachadh.