Naidheachdan 11:00m

Banachdach

Thuirt Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, Matt Hancock, gun tig an ath earrann de bhanachdach a' choròna-bhìorais a Bhreatainn an ath-sheachdain. Thuirt e gu bheil sgaoileadh na banachdaich air feadh na dùthcha a rèir dè cho luath 's is urrainn dhan chompanaidh Pfizer an droga a dhèanamh. Fhuair a' chiad fheadhainn de mhuinntir na h-Alba a' bhanachdach an-diugh aig ospadal an Western General ann an Dùn Èideann.

Deuchainnean Sgoile

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba innse am bi deuchainnean sgoile Higher agus Advanced Higher na h-ath bhliadhna a' dol air adhart. Tha feadhainn de luchd-poileataigs ag ràdh nach bu chòir iad a bhith ann, leis na chaill cuid de chloinn den oideachadh le buaidh a' phandemic. Tha dùil ri fios bho Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar.

Ìrean na h-Alba

Bidh fiosrachadh aig Nicola Sturgeon an-diugh air gluasad às ùr ann an riaghailtean Chovid-19 ann an Alba. Tha dùil gun innis am Prìomh Mhinistear do Phàrlamaid na h-Alba gum bi na 11 sgìrean comhairle a' tighinn a-mach às an ìre as àirde an-dràsta, Ìre 4, Dihaoine. Agus bidh co-dhùnadh anns a' chaibineat an-diugh air am bi sgìrean comhairle eile a' gluasad suas no sìos. Tha ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, ag iarraidh cead do mhuinntir na sgìre sin coinneachadh ann an dachannan a chèile.

Riaghailtean Nollaige

Dh'iarr ball nan Eilean Siar aig Westminster soilleireachadh air na riaghailtean airson siubhail aig àm na Nollaige. Thug Riaghaltas na h-Alba cead do theaghlaichean cruinneachadh airson còig là, a' tòiseachadh air an 23mh là den Dùbhlachd. Ach tha dragh air Aonghas Brianan MacNèill, gun caill feadhainn a bhios a' dol dhachaigh dha na h-Eileanan na h-uimhir den ùine sin a' siubhal, 's e ag iarraidh dà là a bharrachd dhaibh.

Brexit

Thèid Boris Johnson dhan Bhruiseil an t-seachdain seo a bhruidhinn ri Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Ursula von der Leyen, mu aonta malairt às dèidh Bhrexit. Tha an dà thaobh ag ràdh gu bheil iad pìos bho chèile fhathast air an iasgach, taic-stàite, agus riaghladh air aonta sam bith a bhiodh ann.

Peadar Morell

Thèid Àrd-Oifigeach an SNP, Peadar Morell, a cheasnachadh an-diugh mun dòigh anns an do rannsaich Riaghaltas na h-Alba gearainnean mu Ailig Salmond. Bheir Mgr Morell, an duine aig a' Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon, fianais dhan rannsachadh aig Holyrood. Tha dùil gun tèid faighneachd dheth mu choinneamhan nan dachaigh ann an Glaschu eadar Ms Sturgeon agus Mgr Salmond. Tha ceistean ann cuideachd mu theachdaireachd fòn-làimhe a sgaoil Mgr Morell mu rannsachadh nam Poileas air Mgr Salmond.

Cùil Lodair

Tha comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh an-diugh air plana airson loidsichean, bùth agus taigh-bìdhe faisg air làrach Bhlàir Chùil Lodair. Tha Urras Nàiseanta na h-Alba, agus Comann Gàidhlig Inbhir Nis, am measg na tha an aghaidh nam planaichean.