Airgead airson cidhe is cala ùr an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh

Chaidh £49m ainmeachadh 'son cidhe agus cala domhainn a leasachadh ann an Steòrnabhagh le dùil gun tòisich an obair ro dheireadh an t-samhraidh an ath-bhliadhna.
Bheir am pròiseact còrr is dà cheud cosnadh dhan sgìre.
Chuir Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar airgead ris a' phròiseact anns am bi goireasan 'son bàtaichean bathair nas motha agus soithichean luchd-turais.
Bha Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, ag ràdh: "Tha sinn airson 's gum bi coimhearsnachdan eileanach soirbheachail, agus cuiridh am plana seo taic ri diofar ghnìomhachasan."
Thuirt Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun cur na planaichean ri fàs eaconomach fad bhliadhnaichean.
Bha Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Ruairidh MacAoidh, ag ràdh: "Tha sinn dhen bheachd gum bi Steòrnabhagh am measg nam prìomh phort air a' chost an iar nuair a bhios an obair seo deiseil agus gum bi am port a' cur gu mòr ri eaconomaidh na h-Alba."