An t-Eilean Sgitheanach ga shamhlachadh ris a' ghealaich

  • Air fhoillseachadh
An t-Eilean SgitheanachTùs an deilbh, John Allan/Geograph

Chaidh iarraidh air Ceann-cinnidh Cloinn MhicLeòid leisgeil a thabhainn air croitearan an Eilein Sgitheanaich an dèidh dha fearann an eilein a choltachadh ri uachdar na gealaich.

Fhuair Oighreachd MhicLeòid Dhùn Bheagain £1m bhon Aonadh Eòrpach agus Riaghaltas na h-Alba airson craobhan a chur air pàirt den oighreachd, ach chuir brath-naidheachd mu dheidhinn sin cais air feadhainn le bhith ag ràdh gur e cus ionaltraidh a dh'fhag 'fàsach fhliuch mì-nàdarra'.

Thuirt an croitear Iain Peutan: "Tha na beachdan seo a' dèanamh dì-meas air croitearan agus tuathanaich a tha a' dèanamh bith-beò às an fhearann.

"Seo an talamh againn agus tha gu leòr againn a' dèanamh bith-beò às agus ag obair gu dìcheallach airson sin a dhèanamh."