Grunn shreapadairean "fortanach" air a' Gheamhradh a dh'fhalbh

  • Air fhoillseachadh
Maoim-sneachdaTùs an deilbh, Getty Images

Bha grunn shreapaidearan fortanach faighinn às le am beatha às dèidh dhaibh a bhith air an glacadh ann am maoimtean-sneachda air a' gheamradh a dh'fhalbh, a-rèir aithisg bhliadhnail Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Sneachda.

Chlàr an t-seirbheis 241 maoim-sneachda air a' gheamhradh an-uiridh - seàsan a bha nas giorra na an àbhaist air sgàth glasadh-sluaigh a' Choròna-bhìorais.

Uile gu lèir, chaidh 15 duine a ghlacadh.

Chaochail aon duine, Anndra Vine, 41, à Manchester, às dèidh maoim-sneachda air Aonach Mòr ann an Loch Abar sa Ghearran.

Thòisich seirbheis fiosrachaidh às ùr airson ceann a' tuath sgìre Roinn a' Mhonaidh agus Loch Abar air a' mhìos a chaidh air sgàth na bh'ann de shneachda.

Tha làn-sheirbheis airson nan sia sgìrean a tha an t-seirbheis a' frithealadh a' tòiseachadh a-rithist bho Dhihaoine.