"Tillibh an t-airgead"

  • Air fhoillseachadh
Ball agus sèinneTùs an deilbh, Getty Images

'Tillibh an t-airgead' - ainm iomairt ann am meadhan na 19mh Linne a dh'iarr air an Eaglais Shaoir airgead a chur air ais gu eaglaisean ann an ceann a deas nan Stàitean Aonaichte.

'S e Frederick Douglass, duine dubh a theich bho thràilleachd sna Stàitean, a bha air cùlaibh na h-iomairt.

Thàinig esan a dh'Alba ann an 1846 agus dh'iarr e air an Eaglais Shaoir, nach deach a stèidheachadh ach trì bliadhna ron sin, airgead a fhuair i bho eaglaisean ann an stàitean far an robh tràilleachd, a thilleadh.

Cha do rinn an eaglais sin, rud a rinn connspaid aig an àm.

Ùisdean Mac a' Mhuilleir

Goirid às dèidh stèidheachadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1843, chaidh buidheann de mhinistearan a dh'Aimeireaga gus conaltradh a dhèanamh ri eaglaisean clèireach an sin.

Fhad 's a bha iad ann fhuair an eaglais taic-airgid timcheall air £3,000 à eaglaisean ann an stàitean far an robh tràilleachd fhathast ann.

'S ann ri linn sin a thòisich an iomairt feuch toirt oirre an t-airgead a thilleadh.

Fhuair an iomairt spionnadh nuair a thàinig Frederick Douglass a dh'Alba.

"Thàinig fear Frederick Douglass, a bh' air a bhith na thràill ann am Maryland anns na Stàitean, 's a rinn dol às gu ceann a tuath nan Stàitean Aonaichte," thuirt an sgrìobhadair Ruairidh MacIllEathain.

"Thàinig e a dh'Alba ann an 1846, 's rinn e tòrr òraidean. Bha e ann an Èirinn 's ann an Sasainn cuideachd.

"Rinn e òraid ann an Dùn Dè mar eisimpleir. Bha an t-uabhas de dhaoine a' dol ann.

"Agus bha esan cho mòr airson 's gum biodh an Eaglais Shaor a' cur an airgid air ais dha na Stàitean Aonaichte a fhuair iad bho luchd-seilbh nan tràillean.

"Agus bha connspaid mhòr ann mu dheidhinn, agus bha iomairt "Send Back the Money" gu math math làidir," thuirt e.

Bha an eaglais agus na ministearan aice gu tur an aghaidh tràilleachd, agus tha an t-Oll. Dòmhnall MacLeòid air sgrìobhadh nach biodh mòran san eaglais air a bhith ro chofhurtail an t-airgead fhaighinn bho na Stàitean Aonaichte sa chiad àite.

Ìomhaigh de dh'Ùisdean Mac a' Mhuilleir
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir fear-deasachaidh phàipeir-naidheachd na h-Eaglaise Saoire aig an àm, Ùisdean Mac a' Mhuilleir, gu làidir an aghaidh na h-iomairt.

Thuirt e cuideachd nach e suim airgid cho mòr sin a bh' ann an coimeas ri airgead a thàinig à tùsan eile leithid Eaglais Chlèireach na h-Èireann.

Chan eil teagamh nach do chuir an Eaglais Shaor gu làidir an aghaidh iomairt "Send Back the Money" agus deasaiche phàipeir-naidheachd na h-eaglaise, Ùisdean Mac a' Mhuilleir, air am meadhan sin a chleachdadh airson cur an aghaidh - ann am briathran làidir - nan argamaidean a bha Frederick Douglass is eile a' dèanamh.

Cha do ghèill an eaglais ris an iomairt.

Cùis Uabhais

"Thàinig an eaglais dhan cho-dhùnadh nach tilleadh iad an t-airgead, agus rinn iad sgaradh eadar siostam na tràilleachd agus na daoine a bha an sàs ann," thuirt an eachdraiche Dàibhidh Alston.

"Thuirt iad nach b' ionnan tràillean a bhith agad agus thu fhèin a bhith nad dhroch dhuine, ann am faclan sìmplidh.

"Rinn iad sgaradh a dhiùlt càch mar bhriosargain (sophistry)."

'S e cùis eachdraidheil a th' ann, ach dè an dleastanas a th' air an Eaglais Shaoir an-diugh a thaobh a bhith a' beachdachadh air às ùr?

"Tha e an urra ris an eaglais fhèin dè nì iad a thaobh sin," thuirt Ruairidh MacIllEathain.

"Ach bhiodh e math nam biodh deasbad, nam biodh còmhradh, taobh a-staigh na h-eaglaise, agus gum biodh iad a' tighinn gu co-dhùnadh air choireigin air na rinn an eaglais fhèin, agus Mac a' Mhuilleir mar phàirt dheth.

"Nuair a tha sinn a' beachdachadh air rudan mar Black Lives Matter, tha e na uallach oirnn, saoilidh mise, sùil a thoirt air ais agus beachd a thoirt air sin.

"Ma tha sinn deònach a ràdh gu bheil sinn duilich mu na thachair, tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn sin a dhèanamh."

Tha Dàibhidh Alston ag aontachadh.

"Tha e an urra ris an Eaglais Shaoir an co-dhùnadh sin a dhèanamh, ach saoilidh mise, san fharsainneachd, gu bheil uallach moralta a' tighinn oirnn on àm a dh'fhalbh - cuid mum faod sinn a bhith moiteil, ach cuideachd cuid mum bu chòir dhuinn a bhith nàir," thuirt e.

"Ma tha sinn airson a ràdh gu bheil sinn nar pàirt de nàisean, no de bhuidhinn, saoilidh mi gum bu chòir dhuinn a bhith deònach a ràdh gu bheil sinn duilich mu droch rudan a thachair."

Tha an Eaglais Shaor an-diugh a ràdh nach eil i cunntachail 'son na rinn ginealach a dh'fhalbh agus nach eil brìgh sam bith ann a bhith a' faighneachd a bheil aithreachas air an eaglais an-diugh mu cho-dhùnadh dhan tàinig i an uairsin.

Thuirt iad gu bheil iad gu tur an aghaidh gràin-cinnidh de sheòrsa sam bith agus gur e cùis uabhais a bh' ann an gnìomhachas na tràilleachd.