Bòrd a' cur an aghaidh gluasaid

  • Air fhoillseachadh
Bòrd na Gàidhlig

Tha Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, a' coinneachadh ri BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, agus iad a' deasbad aithisg air cor na Gàidhlig.

Tha an aithisg stèidhichte air beachdan a chaidh a chur an cèill aig sreath de choinneamhan poblach air-loidhne mu staid na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan traidiseanta.

Am measg rudan eile, nochd beachd aig an coinneamhan sin gur ann sna h-Eileanan seach Inbhir Nis a bu chòir prìomh oifis Bhòrd na Gàidhlig a bhith.

Thuirt Cathraiche a' Bhùird, Màiri NicAonghais, nach dèanadh gluasad ach cosg airgid agus cosg ùine, agus gum bu chòir togail, thuirt i, air na rudan math a tha a' tachairt ann an leasachadh na Gàidhlig mar thà.

"Tha mise mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig ag aithneachadh 's a' tuigsinn gu leòr de na rudan a thathar a' togail anns an aithisg a tha sin," thuirt i.

Taghadh

"Agus tha mi fhìn dìreach an teis-mheadhan coimhearsnachd anns na h-Eileanan.

"Ach aig an àm a tha seo, chan eil mi idir den bheachd gur e Bòrd na Gàidhlig a ghluasad dha na h-Eileanan am fuasgladh air sin.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil feum air cur ris is togail air na rudan a tha a' tachairt.

"Tha iomadh rud math a' tachairt anns na h-Eileanan. Tha structaran math dha-rìribh mar thà anns a h-uile coimhearsnachd a th' ann.

"Tha sinn cuideachd a' cluinntinn plana mhath aig Comhairle nan Eilean Siar, tha iad a' cur na Gàidhlig air thoiseach anns na sgoiltean.

"Chan eil aig Bòrd na Gàidhlig ach smachd air a' chòigeamh cuid de bhuidseat na Gàidhlig anns an dùthaich.

"Mar sin tha mi a' smaoineachadh gur e - nam bheachdsa agus ann am beachd a' Bhùird aig an àm seo - gur e a' cur taic ris na coimhearsnachdan 'son nan rudan math a tha a' dol mar thà.

"A' leudachadh orra sin, ag èisteachd ri daoine anns na coimhearsnachdan, agus a' cumail a' dol leis an obair.

"Tha mi a' smaointinn gur e cosg ùine agus cosg airgid agus call ùine a bhiodh ann aig an àm seo, smaointinn air Bòrd na Gàidhlig a ghluasad.

"Ach aig an aon àm, chan eil taghadh uabhasach fada buainn, agus 's dòcha gum bu chòir do dhaoine a bhith a' faighneachd 's a' beachdachadh air dè mar a ghabhadh cor na Gàidhlig anns an fharsainneachd toirt air aghaidh agus leasachadh," thuirt i.

Bha a' Bh-Ph NicAonghais a' bruidhinn agus aithisg bhliadhnail a' Bhùird ag ràdh gun toir suidheachadh a' Choròna-bhìorais buaidh mhòr air a' chànan.

Tha am Bòrd ag ràdh gun do dh'fhàg am pandemic "sgàil" air leasachadh na Gàidhlig, ach gun gabh iad ceumannan 'dàna' 'son dèiligeadh ri sin.

Misneachd

"'S e tè de na h-iomairtean a th' air a bhith ga toirt air adhart, 's e "Cleachd I" is an uair sin "Cleachd i aig an Taigh" airson misneachd is tacsa a chur ri teaghlaichean agus gu h-àraid ri daoine òga," thuirt a' Bh-Ph NicAonghais.

"Tha sinn a' coimhead air sin a leantail agus a neartachadh.

"Tha sinn cuideachd a' faicinn gu bheil iomadach duine ag obair ann an leasachadh na Gàidhlig, gu h-àraid oifigearan, agus gu leòr dhiubh òg anns na h-Eileanan.

"Tha sinn air tuigse fhaighinn gu bheil dh'fhaoidte feum aca sin air barrachd taic, air sàilleabh glè thric 's dòcha gu bheil iad ag obair leotha fhèin.

"Tha sinn a' cur air dòigh taic dhaibhsan, 's tha sin dìreach a' tòiseachadh an-dràsta fhèin airson daoine a bhith nas misneachaile annta fhèin.

"Tha sinn cuideachd a' coimhead air dè eile a ghabhas dèanamh a thaobh stiùireadh reachdail an fhoghlaim. Ciamar a ghabhadh sin neartachadh," thuirt i.