Gàidhlig am bancaichean Virgin Money

Dh'fhoillsich Virgin Money gun tèid daoine a fhrithealadh sa Ghàidhlig sna meuran aca air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan, mas e sin a tha iad ag iarraidh.

Tha seo a' tighinn agus na h-ionadan aig Banca Dhail Chluaidh gan ath-ainmeachadh mar bhancaichean Virgin Money agus dà bhliadhna ann bhon a chaidh na companaidhean còmhla.

Chuir am Ball Phàrlamaid Albannach, Ceit Fhoirbeis, fàilte air an naidheachd 's i ag ràdh gum bu choir dhan a h-uile gnìomhachas air a' Ghàidhealtachd an aon rud a dhèanamh.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.