Banachdach Covid-19 aig dachaighean-cùraim na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha an obair airson banachdach an aghaidh Covid-19 a thoirt do luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach dhachaighean-cùraim na Gàidhealtachd a' tòiseachadh.
Fhuair mòran de luchd-obrach na slàinte a' chiad dòs de bhanachdach Pfizer an t-seachdain-sa chaidh.
A-nis thèid an obair sin a leudachadh gu daoine a tha a' fuireach agus ag obair ann an dachaighean-cùraim na Gàidhealtachd.
Gabhaidh a' bhanachdach gluasad airson suas ri dusan uair de thìde gun a bhith reòta agus tha cead a-nis aig NHS na Gàidhealtachd a sgaoileadh.
Dùbhlanach
Thuirt Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Boyd Robasdan, gum biodh an obair deuchainneach leis cho mòr sa tha an sgìre.
"Tha mòran de dh'Alba a' tighinn a-steach don sgìre againne, ceithir anns gach deich pàirt de dh'Alba.
"Bidh an obair nas fhasa nuair a gheibh sin an dàrna banachdach aig AstraZeneca, agus tha dùil againn gum faigh sinn sin toiseach na bliadhn' ùire.
"Nì sin e gu math nas fhasa ruigheachd nan àiteachan a tha nas fhaide air falbh bho Inbhir Nis," thuirt Mgr Robasdan.
Bidh maill air lìbhreagadh na banachdaidh sna h-Eileanan Siar gus an tèid fuasgladh fhaighinn dhan dùbhlan le stòradh fuar agus gluasad an droga aig Pfizer/BioNTech.