Duolingo am measg na shoirbhich aig Duaisean na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Bha sgioba Ghàidhlig Duolingo am measg na shoirbhich aig Duaisean na Gàidhlig 2020.
Thàinig seo às dèidh bliadhna nuair a thàinig fàs mòr air Duolingo na Gàidhlig is còrr is 500,000 duine air an cùrsa a chleachdadh.
A thuilleadh air duais 'son taic do dh'Ionnsachadh na Gàidhlig do sgioba Duolingo, fhuair fear den sgioba, Ciaran Eòsaph MacAonghais, e fhèin gu pearsanta Sàr-Dhuais na Gàidhlig.
Bha aithne ann cuideachd dha Donalda NicComb airson na tha i air a dheànamh a thaobh foghlaim sa Ghàidhlig.
Chaidh na duaisean air adhart air loidhne oidhche Mhàirt ri linn suidheachadh a' Choròna-bhìorais.
'S e Bòrd na Gàidhlig a tha a' maoineachadh nan duaisean le taic bhon Daily Record.
Pròiseil
Is ged nach robh an cruth àbhaisteach air an oidhche, bha gu leòr a' leantainn na cuirme agus na duaisean a' dol thall 's a-bhos.
"Bha mi air leth pròiseil nuair a fhuair mi a-mach gun do choisinn sinn an dà dhuais. 'S e urram a th' ann", thuirt Ciaran Eòsaph MacAonghais.
"Bha sinn riamh làn dòchais ach cha creid mi gun robh dùil againn leis mar a tha an cùrsa air soirbheachadh.
"Tha e math a bhith a' faicinn sgeulachdan anns na pàipearan naidheachd a tha a' moladh na Gàidhlig is cho math 's a tha an cùrsa a' dèanamh.
"Tha e a' cuideachadh ann a bhith a' togail inbhe na Gàidhlig ann an Alba agus air feadh an t-Saoghail", thuirt e.
A bharrachd air soirbheachas Duolingo, chaidh duais mhòr eile na h-oidhche dhan Dr Donalda NicComb.
Nuadhachadh
Às dèidh dhi a dreuchd mar cheannard Sgòil Ghàidhlig Ghlaschu fhàgail ann an 2020 às dèidh bhliadhnaichean de sheirbheis, chaidh Duais Urraim nan Gàidheal a bhuileachadh oirre airson na tha i air a dhèanamh do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Thuirt i gu bheil i air dòigh le mar a tha foghlam Gàidhlig air fàs thar nam bliadhnaichean sin.
"Nuair a thòisich mise an toiseach bhiodh sinn ag ràdh gun robh sinn ga cumail beò", thuirt Donalda NicComb.
"Tha sinn ga cumail beò ach tha sinn cuideachd ga nuadhachadh airson an t-saoghail a th' againn an-dràsta.
"'S e deagh naidheachd a tha sin airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig", thuirt i.
Innleachdas
Chaidh duais Innleachdas ann am foghlam Gàidhlig gu Hana is Raonaid NicNèill airson Clasrum Air an Oir, is Tosgaire òg na Gàidhlig gu Ceitidh NicPhàrlain.
Thog an fhèis Beò an duais airson Ealain is Cultair.
Chaidh Duais Eaconomach na Gàidhlig gu Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas airson mar a chleachd iad an cànan ann an làrach-lìn ùir a tha a' taisbeanadh na sgìre.
Shoirbhich le Comann Eachdraidh Nis leis an duais airson Coimhearsnachd, Dualchais is Turasachd 'son an leabhair Eachdraidh le Càirdeas is Cridhe.
Agus ann am bliadhna a bha cho buileach eadar-dhealaichte bha e iomchaidh gun robh duais ann airson Innleachdais tro Ghlasadh Covid-19. Chaidh seo gu Joy Dunlop airson bùithdean-obrach air-loidhne gus seinn sa Ghàidhlig a bhrosnachadh is daoine a-staigh a là 's a dh'oidhche nas tràithe am-bliadhna.
Faodar coimhead air ais air a' chuirm gu lèir an seo, taobh a-muigh.