Beachdan mun Ghàidhlig gan cur chun an Riaghaltais
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, aithisg stèidhichte air na beachdan a chaidh a chur an cèill aig sreath de choinneamhan poblach air-loidhne mu staid na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan traidiseanta.
Am measg nam molaidhean a bu làidire a nochd, 's e gum bu chòir Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh anns na h-Eileanan fhèin, seach ann an Inbhir Nis, agus gum bu chòir Urras na Gàidhlig a chur air bhonn mar mheadhan air leasachadh na Gàidhlig a toirt air adhart.
Chaidh sin a chur air adhart anns an leabhar aig Soillse, The Gaelic Crisis in the Vernacular Community - an t-adhbhar a chaidh na coinneamhan a chumail.
Chaidh an aithisg a chur gu Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, air a bheil uallach airson a' chànain, air thoiseach air coinneimh mu dheidhinn Diardaoin.
"Bha daoine taingeil airson na h-obrach a tha na buidhnean Gàidhlig a' dèanamh airson na Gàidhlig," thuirt Mgr Allan.
"Ach aig an aon àm bha tòrr dhaoine ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig air a neartachadh sna sgoiltean ach a' fàs gu math lag anns na coimhearsnachdan.
"'S bha iad a' faighneachd "dè bhios sinn a' dèanamh airson na Gàidlig anns a' choimhearsnachd anns an àm ri teachd?"
"Tha sin aig cnag na cùise, tha mi a' creidsinn.
"Bha beachdan eadar-dhealaichte ann mu dheidhinn Urras na Gàidhlig, mar a bha Soillse a' moladh, agus tha an aithisg agamsa ag innse gun robh beachdan eadar-dhealaichte ann.
"Ach bha a h-uile duine ag ràdh gun robh iad ag iarraidh staid na Gàidhlig a neartachadh anns a' choimhearsnachd.
"Tha mi a' creidsinn gur e an rud as cudromaiche a bh' ann, gun robh a h-uile duine gu math duilich gu bheil a' Ghàidhlig air crìonadh anns an 40 bliadhna a chaidh seachad anns na h-Eileanan - agus bha a h-uile duine ag iarraidh rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin.
"So bidh cothrom agamsa a bhith a' bruidhinn ri ministear na Gàidhlig, Iain Swinney, Diardaoin, mu na rudan a bha a' nochdadh anns na coinneamhan seo," thuirt e.