Na h-Eileanan Siar a' gluasad gu Ìre a Trì
- Air fhoillseachadh

'S ann aig Ìre a h-Aon de bhacaidhean a' Choròna-bhìorais a tha na h-Eileanan Siar an-dràsta
Gluaisidh na h-Eileanan Siar gu Ìre a Trì de bhacaidhean a' Choròna-bhìorais air an là às dèidh na Nollaige.
'S ann aig Ìre a h-Aon a tha an sgìre an-dràsta.
Gluaisidh tìr-mòr na h-Alba, a tha cuideachd a' gabhail a-steach an Eilein Sgitheanaich, gu Ìre a Ceithir air an là às dèidh na Nollaige.
Soilleireachadh
Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gum bi iad a' sireadh soilleireachaidh bhon Riaghaltas carson a thàinig iad chun a' cho-dhùnaidh seo a thaobh nan Eilean.
"Tha sinn uile cinnteach às gu bheil an casg a tha dol a thachairt tarsainn air an rìoghachd air fad a' dol a thoirt buaidh air dè as urrainn do dhaoine a dhèanamh agus dè nach urrainn, oir tha sin gu bhith stèidhichte ann an lagh, agus leis an sin feumaidh daoine gabhail ri sin, ach tha sinn fhathast airson tuigse nas fheàrr a bhith againn air dè na h-adhbharan a th' ann airson an leum mhòir a tha seo eadar Ìre a h-Aon agus Ìre a Trì."
Thuirt iad gu bheil dragh mòr orra-san cuideachd mun strèana ùr den Choròna-bhìoras, agus nach bu chòir do dhaoine a bhith a' siubhal dhan na h-eileanan ach a-mhàin air adbhar èiginneach.
Thuirt Mgr. Dòmhnallach gum bi iad cuideachd ag iarraidh soilleireachaidh a thaobh daoine a th' air siubhal dhan na h-Eileanan Siar mar-thà airson na Nollaige, agus dè bu chòir dhaibh-san a dhèanamh.