Naidheachdan 11:00m
Thòisich còrr 's mìle gu leth làraidh, a bha glacte ann an Kent, a' gluasad a-rithist an dèidh dhan Fhraing an casg air siubhal a thogail. Ach tha ministearan an riaghaltais ag ràdh gum bi maill ann airson beagan làithean fhathast. Chan fhaod siubhal à Breatainn dhan Fhraing ach feadhainn aig a bheil dearbhadh nach eil coròna-bhìoras orra agus tha saighdearan a' cuideachadh luchd-obrach an NHS a' dèanamh dheuchainnean air dràibhearan làraidh. Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh prìomhachas a thoirt do dhràibhearan làraidh anns am bheil biadh nach mair ro fhada, mar mhaorach agus bradan. Tha luach na milleanan not de dh'iasg às Alba am measg na tha glacte ann an Kent bho dhùin an Fhraing a crìochan oidhche na Sàbaid.
Dh'aidich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun do rinn i mearachd leibideach agus dh'iarr i maitheanas airson a còmhdach aodainn a thoirt dhith ann an àite poblach air taobh a-staigh dhorsan, rud a tha a' briseadh riaghailtean an riaghaltais aice fhèin. Nochd dealbhan dhith gun mhasg oirre agus i a' bruidhinn ri feadhainn a bha an dèidh a bhith aig seirbheis tìodhlacaidh.
Thuirt Àrd Bharganaiche an Aonaidh Eòrpaich, Michel Barnier, gu bheil e fhèin agus riochdairean Bhreatainn a' dèanamh oidhirp mhòir air aonta malairt a dhèanamh mas tig ùine eadar-mail Bhrexit gu ceann air an là mu dheireadh den bhliadhna. Bha aithrisean ann an-dè air gluasad sna còmhraidhean mu aonan de na cuspairean as connspaidaiche, na còraichean iasgaich. Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba gum bi gèilleadh sam bith a thaobh cuota a' bristeadh gealltanais a thug Boris Johnson seachad uair às dèidh uair.
Tha muinntir Thiriodh ag iarraidh comhairliche dhaibh fhèin a bhiodh a' riochdachadh an eilein agus Eilean Cholla air Comhairle Earra-Ghàidheil agus Bhòid. Tha an dà eilean sin an-dràsta nam pàirt de uàrd an Òbain mu Dheas agus nan Eilean ach cha bhuin duine de cheathrar chomhairlichean na uàrd sin do Thiriodh neo Colla. Leig muinntir Thiriodh fhaicinn do Choimisean nan Crìochan, a tha a' dèanamh ath-sgrùdaidh an-dràsta air crìochan comhairle, gu bheil iad ag iarraidh aon chomhairliche eadar iad fhèin agus Colla.