Taic a' phobaill ga h-iarraidh bliadhna on chaidh fear às a' Mhanachainn a dhìth
- Air fhoillseachadh

Tha na poilis sa Mhanachainn a' sireadh taic a' phobaill bliadhna on chaidh fear a bhuineas don bhaile fhaicinn mu dheireadh.
Chaidh Seumas Paton, 73, a dhìth às dèidh dha a dhol a-mach cuairt leis a' chù aige.
An turas mu dheireadh a chunnacas e bha e a' dràibheadh a' chàir aige, Dacia Duster airgid, mu 1.30f Diluain 23mh den Dùbhlachd 2019.
Bha seo aig Coille Raotal faisg air Abhainn na Manachainn dhan deach e airson an cù aige a thoirt a-mach airson cuairt.

Fhuaireadh an carbad aig an làraich mu 4.30f leis a' chù na bhroinn ach cha robh sgeul air Mgr Paton.
Tha e fhathast gun sgeul air a dh'aindheoin gach oidhirp nam poileas a rinn rannsachadh farsaing sa choille agus san abhainn.
Fhuair iad taic bho dhàibhearan agus coin phoilis, na maoir-chladaich, luchd-smàlaidh agus luchd-teasairginn nam beann cho math ri daoine às an nàbachd.
Thuirt teaghlach Mghr Paton gun robh iad taingeil dhaibh agus gu robh iad ag ionndrainn Sheumais gach là.
Bliadhna às dèidh fhaicinn mu dheireadh tha iad ag iarraidh air daoine a dhol dhan phoilis ma chuimhnicheas iad air càil a dh'fhaodadh an cuideachadh.
Tha Mgr Paton còig troimh agus ochd òirlich de dh'àirde, tapaidh, le falt agus feusag liath. Tha e feumach air speuclairean agus nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh bha briogais dhubh agus geansaidh purpaidh air le seachaid uaine agus brògan donna.