Tha fireannach air bàsachadh an dèidh tubaist-rathaid sna Hearadh
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Poileas Alba gum bheil fireannach, 29, air bàsachadh ann an tubaist air an A859 beagan deas air Àird Àsaig sna Hearadh.
Thachair an tubaist anns nach robh ach aon charbad an sàs mu 9.05m Diardaoin air a' phrìomh rathad a tha a' dol tro Leòdhas agus na Hearadh.
Thuirt an Sàirdseant Ceit Park bho Ionad Rathaidean nam Poileas ann an Inbhir Pheofharain gun robh an co-fhaireachdainn le teaghlach an fhireannaich aig an àm dhuilich seo.
"Tha an rannsachadh againn mu na dh'adhbhraich an tubaist a' leantainn, agus bidh an rathad dùinte fhad 's a nì sinn sgrùdadh air an làraich."
Tha na poilis ag iarraidh air daoine a chunnaic na thachair fios a chur orra air 101, le àireamh na cùise 0718 agus an ceann-là 24mh den Dùbhlachd.