Obair-càraidh air ceum-coiseachd san Eilean Dubh
- Air fhoillseachadh

Chaidh an drochaid a mhillead anns an uisge trom bho chionn beagan sheachdainean.
Chaidh obair-càraidh a dhèanamh air ceum-coiseachd ann an Cromba às dèidh mar a chaidh a mhilleadh ann an droch shìde bho chionn beagan sheachdainean.
Bha drochaid air an t-slighe air tuiteam às a chèile agus bha i na cunnart do luchd-coiseachd.
Tha fèill mhòr air a' cheum-coiseachd, a tha a' ruith eadar Cromba agus an Sùdaire a Deas, am measg luchd-turais agus muinntir an àite.
Mar thoradh air a sin, bha e air a chomharrachadh mar phìomh shlighe coiseachd agus chaidh prìomhachas a thoirt dhan obair-càraidh.

Chaidh tagradh a dhèanamh 'son airgead a bharrachd gus pìoban a chur fon drochaid.
Mhol Manaidsear Cead-coiseachd a' Bhlàr A-muigh aig Comhairle na Gàidhealtachd, Phil Waite, buidseat a bharrachd fhaighinn 'son drochaid ùr a thogail le pìoban mòra foidhpe.
Chuir an Comh. Craig Friseal, a tha a' fuireach san sgìre fàilte air an obair agus thug e taing dhan Chomhairle 'son an obair a dhèanamh cho luath.

Tha fèill mhòr air a' cheum-coiseachd a tha a' dol eadar Cromba agus an Sùdaire a Deas.
Thuirt Cathraiche Comataidh Inbhir Pheotharain agus an Eilein Duibh, an Comh. Gòrdan Adam, gu bheil fèill mhor air a' cheum-coiseachd seo.
"Aig an àm seo den bhliadhna, tha daoine airson faighinn a-mach, mar sin thèid fàilte mhòr a chur air mar a chaidh an obair a dhèanamh cho luath, agus tha a h-uile duine a bha an sàs airidh air moladh.", thuirt e.