Soraidh Slàn 2020
- Air fhoillseachadh

Thèid Fèis Oidhche Challainn 'Soraidh Slàn' a chumail air loidhne le 150 drònaichean air dealbhan a thogail anns na speuran air feadh Alba.
Mar is trice bidh Fèis na Callainn ann an Dùn Èideann a' tàladh nam mìltean dhaoine dhan bhaile ach le riaghailtean teann a' Choròna-bhìorais, b'fheudar a chur dheth am-bliadhna.
Leis a sin tha a' chompanaidh a tha a' ruith na fèise air dealbhan a thogail le drònaichean agus bhidiothan a chur ri chèile le ceòl bho Niteworks agus pìos bàrdachd ùr air a sgrìobhadh le Jackie Kay.
Bidh David Tennant, Siobhan Redmond agus Lorne MacFadyen a' cur an guthan ris a' bhàrdachd.
Chìthear a' chiad fhear Diciadain 29mh an Dùbhlachd aig 7f, agus chaidh na dealbhan sin a thogail ann an Drochaid an Aonachain.
Bidh fear ann air an 30mh agus an 31mh ri fhaicinn cuideachd aig 7f. agus tha iad uile an asgaidh an seo, taobh a-muigh.