Rabhadh sneachda
- Air fhoillseachadh

Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh buidhe dhan mhòr-chuid de dh'Alba eadar Dimàirt is Diciadain.
Tha dùil gun toir seo droch bhuaidh air rathaidean is goireasan siubhail le frasan sneachda a' gluasad deas agus chun ear 's dùil gum bi 3cm a' laighe ann an cuid de sgìrean os cionn 200 meatair.

Tha rabhadh buidhe an sàs Dimàirt is Diciadain
Tha an rabhadh buidhe a' gabhail a-steach sgìrean mòra de dh'Alba eadar Srath Chluaidh, am Monadh Ruadh, a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.
Tha ScotRail a' cur an cuimhne dhaoine nach bu chòir dhaibh a bhith a' siubhal co-dhiù mura h-eil e deatamach.

Tha cuid a' cur fàilte air an t-sneachd, le cothrom ann bodach-sneachda a thogail coltach ris an fhear seo ann an Dùn Èideann.
Thuirt Bear Scotland gu bheil na làraidhean aca air a bhith a-muigh, là 's a dh'oidhche, a' cur salainn air na rathaidean 's dùil gum bi cùisean duilich eadar Dimàirt is Diciadain.
Ach tha Oifis na Sìde ag ràdh gur e frasan uisge seach sneachda a bhios againn Diardaoin.