Mòd Ionadail Inbhir Nis 2021 dheth
- Air fhoillseachadh

Cho-dhùin Meur Inbhir Nis den Chomunn Ghàidhealach nach gabh Mòd Ionadail a' bhaile àite mar a bha dùil air 18mh is 19mh an Ògmhios 2021.
A dh'aindeoin gach naidheachd mhisneachail mu bhanachdach airson Covid-19, tha buill chomataidh a' mheòir mothachail nach bi e comasach do sgoilearan, buidhnean-ciùil, còisirean is eile coinneachadh a' chiad ghreis gus an obair-ullachaidh àbhaisteach a dhèanamh.
Thuirt Meur Inbhir Nis gu bheil iad glè thàmailteach an co-dhùnadh seo a ruighinn ach tha na buill làn-aontaichte gum feumar sàbhailteachd nan saor-thoileach is nam farpaiseach a bhith na phrìomhachas aca.
Ged nach tèid am Mòd Ionadail air adhart san riochd àbhaisteach, thathas an dòchas gun gabh tachartas air choreigin a chur air bhonn gus a' Ghàidhlig agus ceòl Gàidhealach a thaisbeanadh.