Urraman do Ghàidheil air a' Bhliadhna Ùir
- Air fhoillseachadh

Tha Fergie Dòmhnallach, à Ath Tharracail, a' faighinn MBE.
Tha Gàidheil am measg an fheadhainn air liosta Urraman na Bliadhn' Ùire.
Gheibh an ceòladair Fergie Dòmhnallach MBE, agus gheibh Coinneach MacAoidh às na Hearadh urram airson seirbheisean sa choimhearsnachd.
Chaidh MBE a thoirt cuideachd do Choinneach Dòmhnallach à Leòdhas airson seirbheisean do dh'fhiaclaireachd, agus a bhith a' teagasg fiaclaireachd thall-thairis.
Tha tòrr dhaoine air liosta urraman na Bliadhna Ùire a' faighinn urraim air sgàth na h-obrach a rinn iad tron Phandemic.
Nam measg tha Nicola Stove, a fhuair BEM airson seirbheisean fhaighinn gu daoine ann an ceann a tuath na h-Alba a bha gan cumail fhèin air leth bho dhaoine eile.
Fhuair cuideachd Paula Mòrag Lloyd ann am baile Inbhir Nis agus Debora Ann Townsend ann an Siorrachd Rois urraman.
Tha Ceannard an Fhoghlaim ann an Earra-Ghàidheal, a tha a' leigeil dhith a dreuchd, Anne Sally Paterson, cuideachd a' faighinn urraim, tha agus Cairistiona Chaimbeul a tha ag obair aig Ionad Saidheans na Mara anns an sgìre.