Càineadh air dachaigh-cùraim

  • Air fhoillseachadh

Rinnear càineadh air dachaigh-cùraim ann an Inbhir Pheofharain airson na h-ìre de chùram agus taic a tha iad air a bhith a' toirt seachad tron Phandemic.

Chaidh Dachaigh-cùraim Taigh Wyvis a mheas mar "Lag" nuair a thadhail sgioba bho Bhuidhinn Sgrùdaidh a' Chùraim air a' ghoireas gun rabhadh na bu thràithe air a' mhìos.

Bha dragh gu sònraichte mu na bhathas a' dèanamh gus stad a chur air a' Choròna-bhìoras bho bhith a' sgapadh, le seann bhiadh air a lorg sìos cliathaichean chathairean luchd-còmhnaidh.

Uaireanan bha 16 uairean ann mus deadh nithean a bhathas a' làimhseachadh tric a ghlanadh.

Tha gu an 6mh là den Fhaoilleach aig an dachaigh-chùraim dèiligeadh ri draghan a chaidh a thogail.