Fios ga shireadh mu mhilleadh Bun-sgoil Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr na Poilis ann an Leòdhas fiosrachadh bhon t-sluagh às dèidh mar a chaidh milleadh a dhèanamh air Bun-sgoil Steòrnabhaigh tro na làithean a dh'fhalbh.
A rèir nam Poileas, rinn daoine milleadh ann an grunn phìosan den togalach uaireigin eadar Diciadain 23mh Dùbhlachd agus Disathairne 2na Faoilleach.
Thuirt fear de dh'oifigearan foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacLeòid, gum biodh iad a' toirt gach taic dhan sgoil airson leigil leotha fosgladh a-rithist.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh fònadh thuca air 101, agus an àireamh-tachartais 2527 a chleachdadh.