Tilleadh air tràlair Èireannach mu Ròcabarra
- Air fhoillseachadh

Chaidh stad a chur air bàt-iasgaich à Èirinn a bha a' dèanamh air na h-uisgeachan mu thimcheall air Ròcabarra.
Tha aithrisean ann gun deach oifigearan Buidheann Mara na h-Alba air bòrd an Northern Celt Diluain a dh'innse dhan chriùtha nach robh cead aca tuilleadh a bhith ag iasgach taobh a-staigh dusan mìle bhon eilean air sgàth Bhrexit.
Tha deasbad air a bhith a' dol fad ùine mhòir mu cò leis a tha Ròcabarra, agus Poblachd na h-Èireann a' cur an aghaidh beachd na Rìoghachd Aonaichte gur ann leotha-san a tha an t-eilean.
Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine ann an Èirinn gun do bhruidhinn iad ri ùghdarrasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte.