Covid ann an dachaigh-chùraim faisg air Inbhir Pheofharain

  • Air fhoillseachadh

Tha dearbhadh ann air còrr air seachd cùisean de Chovid-19 aig dachaigh-chùraim faisg air Inbhir Pheofharain.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil am bhìoras air seachdnar den luchd-còmhnaidh aig Dachaigh Neo-eisimeileach Fodhraitidh agus air feadhainn den luchd-obrach.

Thuirt Comhairliche Slàinte a' Phobaill aig NHS na Gàidhealtachd gur e buille a th' ann dhan dachaigh 's dhan choimhearsnachd, agus dearbhadh air cho cunnartach 's a tha an suidheachadh air a' Ghàidhealtachd an-dràsta.