Banachdach AstraZeneca sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun d'fhuair iad a' chiad luchd de bhanachdach AstraZeneca Diardaoin.
Tha iad ag ràdh gum faigh a h-uile duine san sgìre nas sine na 80 cothrom banachdach Covid fhaighinn sna beagan sheachdainean ri thighinn.
Tha obair airson toirt seachad na banachdaich air tòiseachadh mar-thà agus an fheadhainn as motha ann an cunnart bhon bhìoras ga faighinn an toiseach.
Tha cuid anns na h-Eileanan Siar air banachdach fhaighinn mar-thà, nam measg:
luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach nan dachaighean-cùraim
daoine nas sine na 80 a tha a' faighinn cùraim ospadail fad ùine mhòir
luchd-obrach seirbheis na slàinte a tha nas dualtaiche dèiligeadh le euslaintich air a bheil Covid-19
Faodaidh dùil a bhith aig duine còrr is 80 bhliadhna de dh'aois gum faigh iad fios air am fòn a' toirt cuireadh dhaibh a dhol gu àite faisg orra airson na banachdaich.
A' Chiad Dòs
'S e daoine ann an Steòrnabhagh, Uibhist agus Barraigh ris an tèid dèiligeadh an toiseach, agus thèid bruidhinn ri daoine sa chòrr den sgìre anns na beagan sheachdainean air thoiseach.
Tha NHS nan Eilean Siar a' leantainn comhairle luchd-meideagach an riaghaltais agus gheibh nas urrainnear den t-sluagh a' chiad dòs den bhanachdaich an toiseach mas tèid an dàrna dòs a thoirt seachad an dèidh dusan seachdain.
Tha an t-ùghdarras slàinte a' brosnachadh muinntir nan Eilean a' bhanachdach fhaighinn ma 's urrainn dhaibh airson smachd a chur air a' phandemic.
Air feadh Alba
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gun robh còrr is dàrna leth de luchd-còmhnaidh nan dachaighean-cùraim ann an Alba a-nis air a' bhanachdach fhaighinn.
Aig a' choinneimh làitheil Diardaoin, thuirt Nicola Sturgeon gun robh e gu math cudromach adhartas a dhèanamh leis gun robh ceangal eadar dachaighean-cùraim agus an treas cuid de dh'àireamhan a' bhàis san t-seachdain mu dheireadh.
Tha targaid mu choinneamh an riaghaltais a' chiad dòs dhan bhanachdach a thoirt dhan a h-uile duine thairis air 80 de dh' aois ann an Alba an ceann ceithir seachdainean.