Riaghailtean Covid air am briseadh 5000 turas air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd air dèiligeadh ri còrr is 5,000 cùis cò-cheangailte ri briseadh riaghailtean Covid-19.

Nam measg, tha pàrtaidhean ann an dachaighean agus daoine gun a bhith a' gabhail feairt do riaghailtean a thaobh siubhail.

Tha oifigearan air 32 daoine a chur an greim.

Chaidh 200 càin a chur air daoine bhon Ghiblean an-uiridh, agus bha 13 dhiubh sin mu choinneamh riaghailtean casg siubhail.