Taic-airgid airson taighean-staile nas uaine
- Air fhoillseachadh

Tha pròiseact ùr ann an Uibhist air taic-airgid fhaighinn ann an iomart lùghdachadh a thoirt air na tha taighean-staile a losgadh de charbon.
Tha 17 pròiseactan, 11 dhiubh ann an Alba, gus buannachd fhaighinn às an sgeama aig Riaghaltas Westminster.
Gheibh Companaidh Staillinn Uibhist, aig a bheil planaichean airson taigh-staile a thogail ann am Beinn na Faoghla, taic luach còrr is £85 000 mar phàirt den sgeama.
Thèid seo a chosg air losgadair hàidhdreaidein a leigeadh leis an taigh-staile ruith air dealan a-mhàin.
Am measg nam pròiseactan eile a tha a' faighinn taic, tha ionad ann an Arcaibh agus an Obar Dheathainn, agus siostam uisge theth ann an Glaschu.
Theid còrr is £1m a thabhann do na sgeamaichean sa chiad roinn den sgeama.
Thuirt gnìomhachas nan taighean-staile gu bheil iad mar-thà air an treas cuid de dh'emiseanan millteach a ghearradh san 10 bliadhna a dh'fhalbh.