Rabhadh mu Chovid-19 air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil mar a tha Covid-19 air sgaoileadh ann an dà dhachaigh-cùraim ann an Inbhir Ghòrdain a' sealltainn cho mòr 's a tha an cunnart bhon bhìoras air a' Ghàidhealtachd an-dràsta.

Dhearbh iad gun tàinig an Coròna-bhìoras air dà dheug den luchd-còmhnaidh aig Dàchaigh Kintyre House sa bhaile agus air seachdnar aig Dàchaigh Castle Gardens.

Tha cuideachd cuid den luchd-obrach san dà dhachaigh a' fulang leis a' bhìoras.

Tha an luchd-obrach sin gan cumail fa leth is tha na ceumanan sònraichte do dhachaighean-cùraim ann an suidheachadh mar seo gan cur an sàs.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil Sgioba na Slàinte Poblaich aca ag obair còmhla ri luchd-obrach slàinte eile ann an Inbhir Ghòrdain gus smachd fhaighinn air a' bhìoras anns na dàchaighean-cùraim, is gus nach sgaoil e sa choimhearsnachd.

Ach thuirt iad gu bheil an suidheachadh ann an Inbhir Ghòrdain a' sealltainn gu soilleir an cunnart a th' ann air a' Ghàidhealtachd an-dràsta.

Sgaoileadh

Bha 165 cùis ùr den Choròna-bhìoras ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd thairis air an deireadh-sheachdain. San t-seachdain mu dheireadh bha 563 cùis ùr ann.

Chaill aon neach am beatha.

"Gu mì-fhortanach, tha sinn air faicinn ann an sgìrean eile gum faod an Coròna-bhìoras sgaoileadh gu dachaighean-cùraim nuair a tha ìrean den bhìoras nas àirde sa choimhearsnachd", thuirt Ealasaid Smart, a tha na h-àrd lighiche ann an Slàinte Phoblaich aig NHS na Gàidhealtachd.

"Tha an sgaoileadh ann an Inbhir Ghòrdain a' sealltainn cho cunnartach 's a tha an suidheachadh air feadh na Gàidhealtachd. Tha an àireamh de chùisean de Chovid-19 air a dhol suas gu mòr bhon Nollaig.

"Tha an urra rinn uile daoine a th' ann an cunnart nar teaghlaichean is nar coimhearsnachdan a dhìon. Bu chòir do dhaoine na riaghailtean a leantainn is gun a bhith a' measgachadh ri feadhainn eile", thuirt i.

Banachdach

Aig an dearbh àm, tha banachdach Oxford/AstraZeneca ga sgaoileadh a-mach dhan t-sluagh air feadh na h-Alba an t-seachdain seo.

Tha prìomhachas ga thoirt sa chiad dol a-mach gu daoine nas sine na 80 is cuiridh seirbheis na slàinte fios orra.

Dh'innis an Dr Iain Ceannadach bho NHS na Gàidhealtachd gum faigh cuid ann an Inbhir Ghòrdain is Alanais a' bhanachdach bho mhadainn Diluain. Thuirt e gun cuala e gun do thòisich cuid a' rànaich le toileachas nuair a chaidh innse dhaibh gum faigh iad a' bhanachdach.

Thuirt an Ceannadach cuideachd gu bheil eòlas gu math farsaing aig NHS na Gàidhealtachd a thaobh banachdach am flu a thoirt seachad, is gu bheil e gu math misneachail gun soirbhich le prògram banachdaich Covid-19.

Cha robh cùisean ùra den Choròna-bhìoras anns na h-Eileanan an Iar air an deireadh-sheachdain.

Thuirt NHS nan Eilean Siar ge-tà, gu bheil an suidheachadh ann an sgìrean eile a' sealltainn gu bheil an cunnart a' leantainn is gu bheil e fìor chudromach gun cum daoine orra an stiùireadh a th' ann a leantainn.