Dàrbaidh Gàidhealach san amharc sa chupa

  • Air fhoillseachadh
Josh MullinTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Chluich na sgiobaidhean sa chupa ann an 2019.

Coinnichidh Ross County is Caley Thistle san treas chuairt de Chupa na h-Alba, ma 's e is gun dèan Inbhir Nis a' chùis air Bucaidh san dàrna chuairt.

Chaidh na seann nàimhdean a thaghadh còmhla san taghadh Didòmhnaich.

Tha ceist ann a-nise air cuine thèid na geamaichean a chluich ge-tà, is dearbhadh Diluain gu bheil ball-coise fon Championship a' stad 'son co-dhiù trì seachdainean air sgàth suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Tha sin a' toirt buaidh air a h-uile geama ann an Cupa na h-Alba san Fhaoilleach.

Chluich Caley Thistle is Ross County an aghaidh a chèile ann an Cupa na h-Alba mu dheireadh ann an 2019 nuair a bhuannaich Inbhir Nis air breaban-peanais às dèidh dà gheama a chrìochnaich 2-2.