Naidheachdan 11:00m

Thuirt Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, gum faodadh Riaghaltas na h-Alba tuilleadh casg a chur air siubhal leis na tha de thrafaig air na rathaidean ged nach eil ceadaichte ach siubhal far a bheil deagh adhbhar air a shon. Bidh fiosrachadh aig Nicola Sturgeon tràth feasgar am bi atharrachadh sam bith anns na riaghailtean a th' ann an-dràsta 'son feuchainn ri smachd a chur air a' bhìoras. Bha Mgr MacMhathain a' bruidhinn an dèidh aithisg ùir a tha ag ràdh gu bheil fada a bharrachd trafaig ann an-dràsta na bha sa chiad Lockdown an-uiridh. Ged a tha am fiosrachadh as ùire ag ràdh gu bheil àireamh chùisean làitheil a' bhìorais a' tuiteam thuirt Ms Sturgeon ron seo gum faodadh riaghailtean ùra tighinn air seirbheisean mar cheannach "click and collect" às na bùithtean agus biadh takeaway.

Covid taighean-òsta

Thuirt Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, Matt Hancock, nach eil anns a' mholadh euslaintich air a bheil Covid a chur a dh'fhuireach ann an taighean-òsta ach an dàrna plana, far nach eil roghainn eile ann, 'son cùisean a dhèanamh nas fhasa dhan NHS. Tha aithrisean ann gun do dh'aontaich taighean-òsta mar thà àite a thoirt do dh'euslaintich, air nach eil coltas a' bhìorais, an dèidh cola-deug a' fèin-aonranachadh.

Dh'iarr NHS nan Eilean Siar air an t-sluagh gu lèir, ach muinntir Bharraigh gu h-àraid, a bhith air leth faiceallach le dearbhadh a-niste air trì cùisean den bhìoras co-cheangailte ris an eilean. Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gu bheil ceangal follaiseach eadar dithis dhiubh sin, ach nach eil ris an treas cùis. Tha na h-uimhir de dhaoine eile a bha faisg orra a' fuireach air leth.

Tha na h-uimhir de na h-àrd-Phoblachdaich anns na Stàitean Aonaichte ag ràdh gu bheil iad a' cur taic a-niste ris an oidhirp air impeachment an aghaidh a' Chinn-suidhe Trump. Tha na Democrataich ag iarraidh bhòt air a' chùis agus iad a' fàgail air Mgr Trump gun do phiobraich e an ionnsaigh air togalach na Còmhdhail an t-seachdain seo chaidh.